Sunday, December 17, 2006

A-mach air a slige

Ar slìochd, a’sleamhnachadh
Sìos gu slaodach slèisdean
An t-slànaigheir a’sleuchdadh
‘S a’sloinneadh ar sluaigh

Monday, December 11, 2006

Bliadhna

Bliadhna
Facail mar dhuilleagan
Sealltainn mar theangan
Mo chridhe a’cagair
Cho glic, òg, eu-daingeann

Facail mar dhìtheanan
Fosgladh ar sgeòil
Pògaibh mo shùilean
Nochdtar a seòl

Faclair mar shìl
Gleidheil na fìrinn
Mu dheireadh an t-samhraidh
Ar n-òige chrìon

Ach facail mar leòntan
Toirt nam chuimhne a gaoil
‘S mar a chaoidheas duilleach
Na gucagan, far am bi toil

Sunday, December 3, 2006

Là eile

Bruadar. Nam dhùisg?
Fois aig fear-astair
Coimhead sìos air a’bhothan bheag.
A-rithist

Ceithir ballaichean
Clann, thusa, gàrradh.
Tobhtaichean.

Dh’iarr mi gur leantainn ach
Chan urrainn dhut dol dhachaidh

Dè cho fad’s a bha mi nam chadal?
Gleoc taibhseach
Dealbh mo mhic
Snodha-gàire fann
Sròn a mhathar
Aimhleas athar
Bheil cuimh’ad orm idir?
Chan eil dad nach rinneadh gaisgeach
'S nach theireadh gealtair

Mar a thòisicheas là eile