Tuesday, November 28, 2006

Anna

'S e buaidh a th'ann
Mar a thilleas Muslamaich gu Srebrenice
Mar a chanas cuid

Cha dh'iarr mi ach air bheantainn dha Anna
Aon turas mu dheireadh

'S e neonach a bh'ann
Gle neonach gu dearbh
Le bhith a'togail a claiginn
A fionnarachd nam laimhean

'S cuimhne leam
Altram a cinn
'S faothachadh a cradh-cinn
Lasraichean solais mar teine gunna
Air cul a ruisg

Chetniks nan leintean UN
Ghabh iad greim oirre
Air a falt fhada dhubh
'S mise, am falach
A'coimhead

Thruaill iad a'bhurn
Ach rainig mi Tuzla
Nam aonar

Nuair a nigheadh i a falt
Thiormaichinne.
Bhiodh gaol aice ormsa
oir dheannin gu laidir e
Dh'fhairichinn a craiceann a'chinn a'gluasad
Thairis air an dearbh chlaiginn seo

Chetniks nam leintean

Tuesday, November 21, 2006

'S beannaicht ar sinnsearachd uasal

Thathar ag radh gun robh an Gaidheal air a bheannachadh le canan bhreagha 's ceol iongantach 's eachdraidh ghlormhor agus gun caill an saoghal rudeigin luachmhor nuair a chaochaileas e mu dheireadh thall.
Agus de bu choir dhuinn, na clasaichean foghlaimte, a dheanamh mu dheidhinn?
Tha sinn uile duilich air a shon, gle dhuilich gu dearbh
Bheireamaid de bhiadh dha los ga chumail air a chasan
Bhiomaid mar thidsear dha cuideachd
Dh'innseamaid dha mun bhoidheachd gharbh dhen sheann dhuthaich
Agus bhiodh ar facail mar cheol mhilis
Ann a bhith a' toirt coimhairle mhath dha mu...uill
Mu dheidhinn leasachaidh storais
Agus dheanamaid rud sam bith son a' Ghaidheil bhoichd ud
Ach a-mhain leigeil le shluagh imeachd
'S beannaicht' an siubhal de a spiorad mhi-fhoisneach

tha feum agam oirbh uile

mar pharant a' faireachdainn
aig ceann buird lan chloinne a'trod
gach pairt agam air fad
ag iarraigh mo chul a chur riutha
ag radh nach eil uine agam airson seo
ach mura h-eil mi ag eisdeachd
ris an griogalachan seo de ghuthan nam bhroinn
lorgaidh iad doighean eile
oir gun teagamh cluinnear iad
trobhad, fheannag bheag
bi trocaireach

an toiseach bhiodh grain agam
air an dol-a-mach agam
thoir do chasan leat, theirinn
's beag orm de na tha thu a'deanamh
ach chaidh gath tro mo chridhe le cradh
mar sin rinn mi deagh leisgeul
's dh'iarr mi air a'mhoncaidh bheag
a-thighinn a-steach nam chliabh
mar dhachaidh
tha feum agam oirbh uile, arsa mise
's thuit samchair tarsainn air a'bhord chruinn
bi trocaireach

dh'fhairich mi ceudan againn
's iad a' cuisleachadh tromham
tron chlais-bhreith san dearbh chochall
mar shiol bhon uinnseann yggdrasil
a' tuiteam air cathair-eaglais mochridhe
's ann obair chudromach a th'againn ri dheanamh
obair riatanach ach bidh an t-slighe againn garbh

mar shearmonaiche thuathanach a' bruchdadh gras
tha feum agam oirbh uile
a h-uile pios beag
ge b'e cho mor sa tha am briseadh-cridhe
tha feum sgam oirbh uile
gach criomag crion dhuibh
gu sealladh an Ni trocair oirnn